• Pòsadh… ‘the Final Frontier’

    Tha George Takei air fhoillseachadh air an làrach-lìn aige gu bheil e an dùil a chompanach, Brad Altman, a phòsadh.

    Tha iad nam measg iomadach càraidean LGDT, a leithid Ellen DeGeneres agus Portia de Rossi a tha airson pòsadh as dèidh dha Àrd-chùirt Chalifornia pòsaidhean LGDT a dhèanamh laghail anns an stàit.

    Tha Takei gu math ainmeil airson Hikaru Sulu a chluich ann an Star Trek agus Kaito Nakamura a chluich ann an Heroes. Tha e cuideachd na gnìomhaiche a tha an sàs ann agus ag obair airson iomadach buidhnean LGDT.

    Sgrìobh Takei air an làrach-lìn aige gu bheil iad air a bhith a’ falbh le chèile o chionn 21 bliadhna agus iad uabhasach toilichte gu bheil iad gu bhith “pòsta agus nar luchd-àiteachaidh co-ionann nar stàit.”

  • Bile nan Eucoirean Gràineil air a dhèanamh laghail leis a’ Phàrlamaid

    Tha Taigh nam Morairean air the Criminal Justice and Immigration Bill a dhèanamh na lagh a’ ciallachadh gum bi eucoirean gràineil an-aghaidh daoine LGDT mì-laghail.

    A dh’aindeoin seo tha fhathast atharrachaidhean anns a’ bhile a tha a’ dìon eucoraich air sgàth ’s saorsa labhairt neo an creideamh aca.

    Tha na Tòraidhean air a bhith a’ cur cudrom air cùlaibh na h-atharrachaidhean seo, agus tha cuid dhiubh a leithid Lord Tebbit air a bhith an còmhnaidh an-aghaidh còirichean LGDT.

    Thuirt Ben Summerskill, Àrd-ofigear Stonewall gu bheil an lagh ùr na cheum mhòr airson co-ionannachd laghail ach gun robh uallach air gu bheil tòrr luchd-poileataigs fhathast an-aghaidh co-ionannachd.

  • “Homosexuality” 140 bliadhna a dh’aois

    B’ ann air an 6mh den Chèitean 1868 a thàinig am facal “homosexuality” gu bith.

    Ro seo cha robh ach beagan faclan neo-phàirteach ann airson tuairisgeul a thoirt air tarraing co-sheòrsach. Bha faclan a leithid bugger, molly, sodomite neo pederast cumanta ach aig àm nuair a bha luchd-tagraidh a’ bruidhinn a-mach airson còirichean LGDT bha feum aca air faclan ùr a chruthachadh.

    B’ e Karl Heinrich Ulrichs a’ chiad daoine a chur facal air tarraing co-sheòrsach. Mhìnich Ulrichs mar seo e:

    Urning: “male bodied person with a female psyche” – fir aig a bheil tarraing gu fireannaich eile.

    Urningin: “female bodied person with a male psyche” – boireann aig a bheil tarraing gu boireannaich eile.

    Urninthum: a’ ciallachadh co-sheòrsachd neo homosexuality anns a’ Bheurla.

    Ach ann an 1868 chaidh facal ùr a chruthachadh, Homosexualität, bhon facal Greugach homo- (aon) agus am facal Laideannach sexualis (seòrsa). Chleachd Karl-Maria Kertbeny am facal seo airson a’ chiad turas ann an litir a chur e gu Ulrichs an 6mh dhen Chèitean 1868 agus mean air mhean thòisich barrachd ’s barrachd daoine anns a’ Ghearmailt ga chleachdadh.

    Dh’fhàs am facal homosexual nas cumanta anns a’ Bheurla an dèidh 1895 nuair a rinn Charles Gilbert Chaddock eadar-theangachadh dhen leabhar Psychopathia Sexualis agus nuair a thòisich Sigmund Freud ga chleachdadh anns na leabhraichean agus na h-òraidean aige.

    Ach gu ìre mhòr cha robh am facal homosexual stèidhichte gu ruige na 1930’an nuair a thòisich a’ mhòr-chuid a’ cleachdadh homosexual, heterosexual agus bisexual.

    Bhàsaich Kertbeny ann an 1882 air sgàth ’s stròc agus chaidh ga thìodhlacadh ann an Kerespi Cemetry ann am Budapest. Ann an 2002 chur an coimhearsnachd LGDT leac ùr air an uaigh aige agus bidh iad a-nis a’ cur blàth-fhleasg ùr air a h-uile turas ’s a bhios fèis-pròise ann am Budapest.

  • Duine co-sheòrsach ga chur an grèim airson pòg a thoirt dhan companach aige

    Tha duine co-sheòrsach air a bhith ga chur an grèim anns na h-Eileanan Caimean airson pòg a thoirt dhan companach aige fhad ’s a bha iad air saor-làithean anns a’ Mhuir Charaibeach.

    Chaidh casaidean a dhèanamh an aghaidh Aaron Chandler agus an companach aige le daoine eile a bha a’ fuireach aig Royal Palms Resort. Thug am Poileas rabhadh dhaibh nach bu chòir dhaibh pòg gu poblach agus nuair a phòg iad ann an club an oidhche sin chaidh Mgr Chandler ga chur an grèim.

    Tha an sgeulachd seo air a bhith gu math connspaideach air sgàth ’s gu bheil na h-Eileanan Caimean na colonaidh Bhreatannach far a bheil co-sheòrsachd laghail.

    Chaidh co-sheòrsachd a dhèanamh laghail anns na h-Eileanan Caimean ann an 2000 ach tha fhathast laghan ann a tha a’ cur casg air daoine co-sheòrsach a’ taisbeanach an gaol aca gu poblach gu h-àraidh ma tha iad a’ cur dragh air daoine eile.

  • Triùir ann an Eilean Lesbos a’ toirt buidheann LGDT gu lagh

    Tha triùir ann an Eilean Lesbos, a’ Ghrèig, a’ toirt buidheann LGDT gu lagh air sgàth ’s gu bheil iad a’ cleachdadh am facal “leasbach” anns an ainm aca.

    Tha iad ag ràdh gu bheil ainm a’ bhuidheann Homosexual and Lesbian Community of Greece a’ dèanamh oilbheum dhaibh air sgàth ’s gu bheil am facal Leasbach a’ ciallachadh cuideigin à Eilean Lesbos seach boireann aig a bheil tarraing ri boireannaich eile.

    “Chan urrainn do mo phiuthar ag ràdh gur e Leasbach a th’ innte,” arsa Dimitris Lambrou. “Tha an fèin-aithne againn air a bhith a’ gabhail bhuainn gun chòir le boireannaich aig nach eil ceanglaichean ri Lesbos.”

    “Chan e gnìomh ionnsaigheach an-aghaidh leasbaich a th’ ann,” ars e. “Faodaidh iad tighinn gu Lesbos, pòsadh neo rud sam bith a thogras iad a dhèanamh. Ach tha sinn airson am facal Leasbach a chur às dhan ainm aca.”

  • An Roinn Eòrpa a’ ceasnachadh an Rìoghachd Aonaichte mu dheidhinn còirichean LGDT ann an Diobraltar

    Tha Riaghaltas na Bhreatainn air innse do Chomhairle na h-Eòrpa gu bheil iad a’ coimhead air còirichean LGDT leasachadh ann an Diobraltar.

    Tha fhathast aois aontachaidh neo-ionann aig a’ cholonaidh Bhreatannach agus tha seo a’ dol an-aghaidh Cùmhnant Eòrpach nan Còraichean Daonna.

    A bharrachd air seo tha laghanan ann fhathast an-aghaidh buggery agus gross-indecency ach tha iad air an cleachdadh an-aghaidh daoine co-sheòrsach a-mhàin.

    Tha BPE (Ball Pàrlamaid na h-Eòrpa) Michael Cashman air a bhith a’ bruidhinn ri Gordon Brown mu dheidhinn a’ chuspair connspaideach agus tha an Comhairle Eòrpach air an aithris seo a chur a-mach:

    “Tha an Rìoghachd Aonaichte air daingneachadh an dealas aice airson cuspairean leasbach, co-sheòrsach, dà-sheòrsach agus tar-ghnèitheach agus air comharrachadh gu bheil Riaghaltas Dhiobraltaire eòlach air dè cho cudromach ’s a tha an cùmhnant, gu h-àraidh a thaobh leth-bhreith.”

    “Tha Comadaidh nam Ministearan toilichte gu bheil an Rìoghachd Aonaichte a’ coimhead air a’ chuspair seo agus gu bheil fios aice gu bheil Diobraltar air cùram an Rìoghachd Aonaichte agus gu bheil seo a’ ciallachadh gu bheil i an urra ri Diobraltar a’ gabhail ris a’ chùmhnant.”