• Colin & Justin air phòsadh ann an seirbheis dìomhair

    Tha Colin McAllister agus Justin Ryan air phòsadh ann an seirbheis dìomhair aig an Oifis Chlàraidh Chelsea ann an Glaschu.

    Thachair an seirbheis dìomhair anns a’ Ghearran agus cha robh ach dithis eile an làthair, Elaine agus Georga Ponte.

    Thug iad gealladh-pòsaidh dha chèile san Dùbhlachd nuair a bha iad ag obair air a’ phrògram t.bh. ùr aca, Home Heist.

    “As dèidh bliadhna a’ fuireach ann an Toronto, a’ clàradh Home Heist, bha e soilleir dhuinn gun robh sinn airson pòsadh,” arsa Ryan. “Tha Canada na nàisean adhartach, fosgailte ri agus a’ cur fàilte air pòsadh aon-sheòrsach, bha e brosnachail.”

    As dèidh an seirbheis, dh’fhalbh iad airson mìos nam pòg anns a’ Mhuir Caraibeach.

  • Caismeachd-pròise Bhirmingham air a chur dheth

    Cha tèid caismeachd-pròise Bhirmingham air adhart am-bliadhna air sgàth ’s trioblaidean ionmhais.

    An àite a’ chaismeachd bidh Fèis-pròise 2008 a’ fosgladh le taisbeanadh de bhuidhnean coimhearsnachd.

    Thuirt luchd-eagrachaidh gun tèid faireachdainn a’ chaismeachd a ghlèidheadh le dannsairean agus cluicheadairean.

    Thèid an tachartas a chumail 24mh – 25mh den Chèitean ann am Birmingham.

  • Ath-leasachaidhean a’ toirt co-ionannachd do dhaoine LGDT ann an Astràilia

    Tha Riaghaltas na h-Astràilia air còrr ’s 100 ath-leasachaidhean a dhèanamh gus còirichean co-ionann a thoirt do dhaoine LGDT.

    Tha buidheann LGDT air fàilte a chur air na leasachaidhean seo ach tha iad cuideachd gan càineadh air sgàth ’s nach eil iad a’ dèanamh pòsaidhean aon-sheòrsach laghail.

    Thèid na h-ath-leasachaidhean a chur an gnìomh an ath-mhìos agus bidh iad a’ toirt co-ionannachd do dhaoine LGDT a thaobh cìsean, peinnsein, agus sochairean.

    “Bidh na leasachaidhean seo a’ toirt co-ionannachd do dhaoine co-sheòrsach ann an sreath de chuspairean a leithid peinnsein, cìsean, tèarainteachd shòisealta, dìoladh an luchd-obrach, agus òrduighean-cungaidh,” ara Àrd-neach-tagraidh Robert McClelland.

    “Bidh iad a’ dèanamh diofar mhòr do Astràilianaich a tha air a bhith a’ fulang leth-bhreith air feadh a’ Cho-fhlaitheas.”

    Thuirt am buidheann LGDT Australian Marriage Equality (AME):

    “Tha an Riaghaltas a’ dèanamh an rud ceart le bhith a’ dèanamh fòcas air co-ionannachd ionmhais a-mhàin.”

    A bharrachd air seo thuirt iad:

    “Le bhith ag ath-leasachadh còrr ’s 100 achdan, tha an Riaghaltas a’ toirt rathad iomadh-fhillte airson co-ionannachd a thoirt seachad nuair nach e ach atharrachadh dhen Achd Phòsaidh a tha dhìth.”

  • Aithisg ùr a’ sealltainn gu bheil sgaradh mhòr thar an Aonadh Eòrpach ann an làimhseachadh de dhaoine tar-ghnèitheach

    Tha Comann Eadar-nàiseanta Leasbach agus Co-sheòrsach (ILGA) air aithisg ùr fhoillseachadh a tha a’ sealltainn gu bheil sgaradh mhòr thar an Aonadh Eòrpach ann an làimhseachadh de dhaoine tar-ghnèitheach.

    Chaidh an aithisg a dhèanamh gus fhaighinn a-mach ciamar a tha seirbheisean slàinte a’ làimhseachadh daoine tar-ghnèitheach agus barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn leth-bhreith anns an ionad-obrach.

    “Airson a chiad turas tha leth-bhreith agus claon-bhreith an-aghaidh daoine tar-ghnèitheach air feadh an Aonadh Eòrpach air a bhith a dhaingneachadh agus a dhearbhadh le aithisg farsaing pan-Eòrpach mar seo,” arsa Deborah Lambillote, Co-chathraiche Bòrd-stiùiridh ILGA.

    Tha sinn an dòchas gum bi an aithisg seo na inneal feumail do luchd-iomairt agus tagraichean a thaobh còirichean daoine tar-ghnèitheach.”

    Faodaidh sibh an aithisg seo leughadh aig: http://www.ilga-europe.org/europe/publications/non_periodical.

  • Oileanaich air feadh nan Stàitean Aonaichte nan tost

    Bidh mìltean de dh’oileanaich nan tost anns na Stàitean Aonaichte an-diugh gus gràin-co-sheòrsachd ann an sgoiltean shoillseachadh.

    Thathar an dùil gum bi 500,000 oileanaich agus còrr ’s 6,000 sgoiltean a’ gabhail pàirt anns an tachartas a chaidh a chur an gnìomh le GLSEN (Gay, Lesbian and Straight Education Network).

    Bidh oileanaich aig Oilthigh Sussex anns an Rìoghachd Aonaichte nan tost cuideachd air sgàth ’s gu bheil oileanaich Ameireaganach ann.

    Bidh an tachartas a’ tòiseachadh 9m agus bidh seirbheis Breaking the Silence 5f nuair an sgreuch a h-uile duine aig an aon àm agus bidh cothrom aca a chur am faireachdainnean an cèill.

  • Daoine co-sheòrsach air an cur gu deuchainnean HIV le buidhnean àrachais

    Chaidh sgrùdadh a dhèanamh le Compass IFA, buidheann a tha a’ toirt comhairle do dhaoine co-sheòrsach a thaobh ionmhais, a tha a’ sealltainn gu bheil na buidhnean àrachais Legal & General agus AEGON fhathast a’ cur daoine co-sheòrsach gu deuchainnean HIV mus faigh iad àrachas slàinte.

    Ach thuirt Lesley MacPherson, Ceannard nam Meadhannan Corporra aig AEGON:

    “Tha iongnadh oirnn mu dheidhinn na toraidhean seo agus ’s e briseadh-dùil a th’ ann. Bidh sinn a’ toirt treànadh a bharrachd ris ar luchd-obrach gus am bi iad eòlach air riaghailtean an deuchainn HIV agus na poileasaidh againn gus nach bi seo a’ tachairt san àm ri teachd.”

    Cuideachd thuirt Russ Whiteworth a tha ag obair airson Legal & General:

    “Cha bhi sinn a’ toirt iomradh air ma tha fireannaich co-sheòrsach neo mura h-eil, cha bhi sinn a’ cur a’ cheist seo air luchd-ceannaich aig àm sam bith.”

    “Tha sinn a’ breugnachadh a’ mholadh gu bheil sinn a’ dèanamh leth-bhreith an-aghaidh daoine co-sheòrsach.”