• Taic airson pòsaidhean aon-sheòrsach a’ fàs nas làidire ann an Èirinn

    Fhad ’s a tha gnìomhaichean LGDTC ann an Èirinn a’ feitheamh ri chluinntinn molaidhean an Riaghaltas airson càraidean aon-sheòrsach aithneachadh gu h-oifigeil, tha cunntas-bheachd ùr a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr-chuid ann an Èirinn air a shon.

    Chaidh an cunntas-bheachd fhoillseachadh leis a’ bhuidhinn co-ionannachd MarraigEquality agus tha na toraidhean a’ sealltainn gu bheil 84% airson pòsaidhean aon-sheòrsach neo companasan-catharra.

    Ach tha an Riaghaltas air pòsaidhean aon-sheòrsach a dhiùltadh mar thà air sgàth ’s gum biodh feum aca air a’ bhun-reachd atharrachadh.

    Thathar an dùil gum bi Brian Lenihan, Ministear na Ceartais a’ foillseachadh molaidhean a thaobh companasan-catharra a dh’aithghearr.

    Thathar a’ tuigsinn gum bi Èirinn ag aithneachadh pòsaidhean LGBT, aonaidhean-catharra agus companasan-catharra nan dùthchannan cèin.

  • Iorànach co-sheòrsach gu bhith a’ fuireach anns a’ Ghrèig

    Tha gnìomhaichean LGDTC anns a’ Ghrèig a’ dèanamh subhachas an dèidh dhan Riaghaltas tèarmann a thoirt ri Iorànach co-sheòrsach a bha gu bhith a’ fuadach a-mach.

    Air ainmeachadh Alex gus a chumail sàbhailte air sgàth ’s gun robh e ga chur an grèim, ga bhualadh agus ga chur an cràdh air sgàth ’s gun robh e co-sheòrsach.

    Chaidh dà thagradh aige a dhiùltadh leis an Riaghaltas mar thà ach chaidh iomairt a stèidheachadh leis a’ choimhearsnachd LGDTC anns a’ Ghrèig gus Alex a shàbhaladh.

    Thuirt neach-labhairt aca:

    “Tha sinn toilichte ri ràdh gun deach tèarmann a thoirt ris an Iorànach co-sheòrsach Alex as dèidh ath-sgrùdadh dhen chùis-lagha aige.”

    “Bu toigh leinn taing mhòr a thoirt ris na daoine a bha gar cuideachadh leis an iomairt.”

    Ach tha iad ag ràdh ged a tha iad toilichte leis a’ cho-dhùnadh seo tha fhathast tòrr daoine co-sheòrsach eile air feadh an t-saoghal ann an èis.

  • Iosrael air bhìosa a thoirt ri Palastaineach co-sheòrsach

    Bratach na h-Iosrael a' gabhail gaoth. Tha toglaichean sa chùlaibh is adhar gorm os chionn.

    Tha Iosrael air bhìosa a thoirt ri Palastaineach co-sheòrsach air sgàth ’s gun robh e ann an cunnart anns a’ Bhruach an Iar.

    Tha an duine gun ainm an dùil ris a’ chompanach aige fhaicinn a-rithist ann an Tel Aviv.

    Ach tha Feachdan Dìon na h-Iosrael (IDF) air ràdh gur e bhìosa airson ùine ghoirid a th’ ann fhàd ’s a tha Ministrealachd na h-Iosrael a’ sgrùdadh na cùis-lagha aige agus ’s mar sin feumaidh e bhìosa ùr fhaighinn gach mìos gus an co-dhùnadh aca.

    Tha co-sheòrsachd fhathast toirmeasgte anns na sgìrean Muslamach anns a’ Bhruach an Iar ach tha Iosrael fada nas fosgailte ris.

    Tha i ag aithneachadh pòsaidhean aon-sheòrsach eadar-nàiseanta, tha iad a’ toirt cead ri companaich eadar-nàiseanta a bhith a’ fuireach leis na companaich Iosraeleach aca agus tha raon de laghan diofraichte a’ dìon a’ choimhearsnachd co-sheòrsach.

  • Tidsearan co-sheòrsach ann an Èirinn gu bhith gan cur à dreuchd

    Bratach na h-Èireann

    Tha tidsearan co-sheòrsach ann an Èirinn gu bhith gan cur à dreuchd air sgàth ’s gu bheil an gnèitheachd aca a’ dol an aghaidh poileasaidh creideamh nan sgoiltean.

    Tha tidsearan anns a’ bhuidhinn LGDT aig INTO (Irish National Teacher’s Organisation) ag ràdh gu bheil an Employment Equality Act a’ toirt cead ri sgoiltean a chur tidsearan à dreuchd air sgàth ’s an gnèitheachd aca ma tha e a’ dol an aghaidh creideamh an sgoile.

    A-rèir Earrann 37 dhen achd faodaidh sgoiltean gnìomh a thoirt gus “casg a chur air neach-obrach sam bith a tha a’ lagachadh inbhe creideamh an t-ionad-obrach.”

    Chaidh a’ bhuidhinn LGDT stèidheachadh ann an 2004 agus tha 35 buill an sas ann. Tha iad air iomairt stèidheachadh a-nis gus Earrann 37 a chur às.

  • Reachd Ameireaganach ag ràdh gu bheil ainm pòsta co-sheòrsach mì-laghail

    Bratach nan Stàitean Aonaichte

    Tha Roinn Stàit nan Stàitean Aonaichte ag ràdh nach urrainn gnìomhaiche AIDS cead-siubhail ùr fhaighinn air sgàth ’s gu bheil an ainm pòsta aige mì-laghail.

    Fhuair Jason Hair-Wynn litir bho Roinn Stàit nan Stàitean Aonaichte ag ràdh gu bheil an ainm pòsta aige mì-laghail a-rèir DOMA (Federal Defence of Marriage Act) air sgàth ’s gur e pòsadh aon-sheòrsach a th’ ann.

    Tha Hair-Wynn air an cead-dràibhidh agus na pàipearan tèarainteachd shòisealta aig atharrachadh gun strì sam bith ach tha Roinn Stàit nan Stàitean Aonaichte ag ràdh chan fhaigh e cead-siubhail mura h-eil e a’ cleachdadh an ainm ceart aige.

  • Pàrlamaid Chùba a’ beachdachadh air còirichean LGDTC

    Bratach Chuba

    Tha luchd-lagha anns a’ Chùba a’ beachdachadh air laghan ùra a dhèanamh gus còirichean co-ionann a thoirt ris a’ choimhearsnachd LGDTC.

    Thathar an dòchas gum biodh na laghan seo nan ceuman mòr ri companasan-catharra fhaighinn agus ri cothroman air obraichean lannsa gus ur gnè atharrachadh.

    Thuirt Mariela Castro, Neach-stiùiridh Ionad Nàiseanta na Feise:

    “Thèid cùmhnant freagarrach a shoighneachadh le Ministrealachd na Slàinte gus dòigh-obrach stèidheachadh airson obraichean lannsa mar seo agus companasan-catharra a thoirt seachad.”

    Tha Mariela nan nighean Raul Castro, Ceann-suidhe Chùba agus tha i ag ràdh gu bheil i airson “The Cuban Revolution” beartachadh leis an strì aice airson co-ionannachd eadar daoine de gach gnè agus airson còirichean co-sheòrsach.

    Tha i air a bhith na ceannard Ionad Nàiseanta na Feise o chionn 2000 agus o chionn ghoirid tha i air a bhith a’ dèanamh iomairt airson còirichean co-sheòrsach ach tha i ag ràdh gur e obair gu math doirbh a th’ ann air sgàth an comann-sòisealta prìomh-athaireil a tha anns a’ Chùba ach tha beachdan ag atharrachadh.

    Chaidh co-sheòrsachd a dhì-eucoireachadh ann an cuid ann an 1979 agus chaidh an aois aontaidh a cho-ionannachadh ann an 1992.