Pròis Lunnainn air iris ùr fhoillseachadh

Tha Pròis Lunnainn air iris ùr fhoillseachadh an còis an caismeachd fhèin leis an dùil barrachd daoine a tharraing ris an tachartas am‑bliadhna.

Thuirt Emma Hands, Iar‑chathraiche Pròis Lunnainn, gu bheil an iris uabhasach cudromach dhan bhuidheann.

“Tha i a’ solarachadh teachd‑a‑steach luachmhor dhan charthannas againn le bhith a’ reic sanasan, ach a bharrachd air seo tha i a’ toirt cothrom dhuinn ar obair brosnachadh agus soillseachadh.”

Thèid an iris sgaoileadh saor an‑asgaidh ann an bàraichean, clubaichean, bùthan agus leabharlannan ann an Lunnainn.

Fàg beachd