BBC Alba: Deasbad mu dhaoine gèidh a’ toirt seachad fala

Nochd an sgeulachd seo air làrach-lìn a’ BhBC na bu tràithe:-

Thèid ath-chuinge airson cead a thoirt do dhaoine gèidh ann an Alba fuil a thoirt seachad a dheasbad anns a’ Phàrlamaid Dimàirt.

Tha a’ bhuidheann an LGBT Network, a bhios a’ strì airson chòirichean do dhaoine gèidh, den bheachd gur e leth-bhreith a th’ anns a’ chasg a th’ air fireannaich ghèidh bho bhith a’ toirt seachad fala.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil feise le dìon a’ fàgail gu bheil e sàbhailte do dh’fhireannaich ghèidh fuil a thoirt seachad.

Chaidh an casg a chur an sàs anns na 1980an air sgàth eagail mun ghalair HIV.

Dleastanas

Chan eil bacadh air daoine hetero-ghnèitheach bho bhith a’ toirt seachad an cuid fala.

Tha Seirbheis Fala na h-Alba (SNBTS) ag ràdh gu bheil e mar dhleastanas dhaibh a bhith cho cinnteach ’s a ghabhas gu bheil an fhuil a tha ri fhaotainn anns an stòras aca glan agus sàbhailte.

Thuirt labhraiche bhon LGBT Network:”‘S e poileasaidh seann-fhasanta a th’ anns a’ chasg, a chaidh a chur an gnìomh bho chionn deicheadan nuair a bha daoine den bheachd gur e galair nach biodh ach daoine gèidh a’ faighinn a bh’ ann an HIV.

“Tha fhios againn san là a th’ ann nach ann mar sin a tha cùisean.

“Chan eil adhbhar clinigeach ann airson a’ chasg air fireannaich gèidh agus dà-ghnèitheach a bhith a’ toirt seachad fala.

“Bu chòir don SNBTS coimhead air feise gun dìon am measg a h-uile duine a bhios a’ toirt seachad fala, seach fireannaich ghèidh agus dà-ghnèitheach a-mhàin,” thuirt e.

Ach thuirt an Dr Brian Mac ‘ill-Fhialain, bhon SNBTS:”Chan urrainn fiù ’s na deuchainnean mionaideach airson Hepatitis agus HIV a thèid a dhèanamh air a h-uile tabhartas fala, stad a chur air gach cunnart gàrachaidh.

“Feumar mar chiad cheum – agus fo lagh Bhreatainn – tabhartasan far a bheil fianais ann de chunnart sam bith a sheachnadh.”

Galairean eile

“Cha ghabh seirbheisean fala ann am Breatainn – coltach ris a’ chuid as motha de dhùthchannan Eòrpach, na Stàitean Aonaichte agus Canada – ri fuil bho fhireannaich a dh’innseas gun robh iad ri feise le fireannach eile.

“‘S ann am fireannaich ghèidh a bha còrr is 60% de chùisean dearbhte de HIV far an robh fianais ann gun deach a thogail ann am Breatainn.

“‘S ann ag àrdachadh a tha galairean leithid Hepatitis B agus Sifilis a gheibhear tro fheise no tron fhuil.

“Chunnacas àrdachadh de 117% ann an Sifilis bho 2002 gu 2006,” thuirt e.

Tha an Dr Mac ‘ill-Fhialain ag ràdh gu bheil rannsachadh a’ sealltainn gum biodh barrachd chunnairt ann de bhith a’ toirt seachad HIV tron fhuil, nan deadh an casg a thogail.

Thuirt e cuideachd gum bithear a’ dèanamh ath-sgrùdaidh air na riaghailtean gu cunbhalach, ’s gur e fianais mheidigeach seach leth-bhreith as coireach gu bheil iad mar a tha iad.

Thèid an gnothach ro Chomataidh Ath-chuingean na Pàrlamaid Albannaich Dimàirt.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.