Lìon-sòisealta ùr do phàrantan LGDT

, ,

Chaidh lìon-sòisealta ùr do phàrantan LGDT a chruthachadh le càraid co-sheòrsach gus taic a thoirt ri càraidean LGDT eile a tha airson leanabh uchd-mhacachadh.

‘S e an New Social Family an t-ainm a th’ air agus chaidh ga chruthachadh le Andy May gus cothrom a thoirt ri pàrantan LGDT air feadh Bhreatainn a bhith a’ conaltradh le chèile.

Tha 60 teaghlaichean LGDT clàraichte air an làrach-lìn mar thà. Tha ballrachd anns an làrach-lìn saor an-asgaidh agus tha bòrd-brath prìobhaideach ann far a bheil buill comasach air bruidhinn ri chèile.

“Bha mi fhìn agus mo chompanach a’ cleachdadh Adoption UK airson bruidhinn ri daoine eile a tha a’ dol tron t-siostam uchd-mhacachaidh”, ars Mgr May.

“Bha sinn a’ faireachdainn gum bu chòir do taic a bhith ann airson daoine LGDT a tha airson leanabh uchd-mhacachadh agus smaoinich sinn air làrach-lìn prìobhaideach a thòiseachadh.”

Tha am buidheann gu mòr airson uchd-mhacachadh LGDT a bhrosnachadh agus tha iad ag ràdh gu bheil dà bhuannachd aca.

“An toiseach tha àite ann far am urrainn do dhaoine bhruidhinn ri chèile.”

“Anns an dàrna àite tha am buidheann math airson cothrom a thoirt ris na uchd-leanabhan fhèin a bhith a’ bruidhinn ri clann eile aig a bheil pàrantan LGDT.”

Ma tha sibh airson a’ gabhail anns an lìon-sòisealta, putaibh an seo http://www.newfamilysocial.co.uk/

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach