Cruinneachadh gus taic a thoirt ri neach‑poileataigs a tha dhen bheachd gu bheil a’ choimhearsnachd LGDT nas miosa na ceannaircich

Chruinnich còrr ’s mìle daoine ann an Oklahoma Diciadain gus taic a thoirt ri Riochdaire Sally Kern.

Chaidh Riochdaire Kern a chàineadh seachdainn seo chaidh air sgàth ’s òraid a rinn i nuair a thuirt i gu bheil a’ choimhearsnachd LGDT na bhagairt nas motha ris na Stàitean Aonaichte na tha ceannaircich.

Fhuair an cruinneachadh urrasachd bhon a’ bhuidheann Concerned Women for America agus bho luchd‑eaglaise. Bha bratach mòr aca anns a’ bhaile ag ràdh “We Support Sally Kern.

A’ bruidhinn ris a’ chruinneachadh thuirt Riochdaire Kern nach biodh i ag ràdh gu bheil i duillich.

“Chan ann mum dheidhinn a tha a’ chuspair seo,” ars i. “‘S ann mu dheidhinn an eaglais a tha e agus na còirichean againn a bhith a’ bruidhinn airson Crìosd a bhàsaich air an son.”

Thuirt Chuck Wolfe, neach‑labhairt an Gay & Lesbian Victory Fund:

“Tha Sally Kern agus na càirdean aice a’ toirt taic ri iomairtean a tha airson an saoghal aice fhèin a bhrosnachadh, saoghal far am feum daoine LGDT cumail a‑mach gu bheil iad eile‑sheòrsach neo dol à shealladh.”

“Ma tha sibh co‑sheòrsach, neo ma tha thu eòlach air daoine LGDT bidh fios agad dè cho cunnartach agus neo‑ghlic ’s a tha seo.”

Fàg beachd