Iorànach gèidh fhathast ri bhith fuadachadh a‑mach às an RA

Tha gnìomhaichean LGDT ag ràdh gum bu chòir do Riaghaltas Bhreatainn ath‑sgrùdadh a dhèanamh air cùisean‑lagha aig Iorànach co‑sheòrsach eile as dèidh do chùis Medhi Kazemi allsachadh.

Thuirt Rùnaire na Dùthcha Jacqui Smith gum bu chòir do ath‑shùil a bhith a’ toirt air chùis Medhi Kazemi air sgàth ’s an suidheachadh ùr aige.

Tha Kazemi, 19, air a bhith a’ fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte o chionn 2005 ach theich e dha na Tìrean Ìsle air sgàth ’s gun do dhiùlt Riaghaltas Bhreatainn comraich a thoirt dha.

Air sgàth ’s a’ cho‑dhùnadh seo bha Kazemi ri bhith fuadachadh a‑mach às an Tìr Ìosal air ais dhan Rìoghachd Aonaichte agus air adhart gu Ioràn far a bheil co‑sheòrsachd mì‑laghail.

Thuirt Omar Kuddus a tha na gnìomhaiche còirichean co‑sheòrsach a’ sabaid air taobh Kazemi:

“Airson aon turas rinn Riaghaltas Bhreatainn an rud ceart agus thug iad cothrom dhan a’ ghille seo.”

“Chan eil teagamh sam bith dè bhios a’ tachairt do Kazemi ma tèid e air ais gu Ioràn ‑ thèid ga chur gu bàs, dìreach air sgàth ’s gu bheil e co‑sheòrsach.

“Chan eil Ioràn a’ gabhail ri daoine co‑sheòrsach agus thèid gan cur gu bàs leis an stàit, ma tha iad ciontach ri co‑sheòrsachd.”

Ach thuirt Bhana‑bharan Sarah Ludford a tha na Ball Pàrlamaid na h‑Eòrpa:

“Cha bu chòir dhuinn dìochuimhneachadh gu bheil an t‑eagal fhathast air Iorànach co‑sheòrsach eile. Tha iad airidh air ceartas cuideachd.”

Fàg beachd