Cuairt-litir #62

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Poileas Alba

Dh’fhoillsich Àrd-chonstabal Poileas Alba, Jo Farrell, litir Diciadain anns an tug i leisgeul dhan a’ choimhearsnachd LGDTC+ airson a’ phàirt a bh’ aig Poileas Alba ann a bhith a’ dèanamh gaol agus dearbh-aithne ‘nan eucoirean.

Rinn Farrell leisgeul airson na h-ana-ceartasan agus leth-bhreith a tha an coimhearsnachd LGDTC+ air a fhulang o chionn ghoirid agus gu h-eachdraidheil.

Thuirt i gur e an t-amas aice seirbheis a chruthachadh a tha saor bho leth-bhreith agus gum bi oifigearan-ceangail shònraichte air an toirt a-steach a-rithist gus obrachadh còmhla ri coimhearsnachd LGDTC+ na h-Alba.

Casgan-inbhidheachd

Dh’ainmich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Diciadain nach fhaod casgan-inbhidheachd a bhith air an toirt do dh’euslaintich ùra fo aois 18 bliadhna a dh’ aois ann an Alba, ann an Sasainn no anns a’ Chuimrigh.

Tha an riaghladh, a thèid a chur an-gnìomh 3mh den t-Ògmhios fad trì mìos, a’ cur casg air dotairean prìobhaideach anns an Rìoghachd Aonaichte agus an fheadhainn a tha clàraichte ann an Coimhearsnachd Eaconomach na h-Eòrpa no anns an Eilbheis bho bhith a’ toirt seachad cungaidhean-leighis anns a bheil buserelin, gonadorelin, goserelin, leuprorelin acetate, nafarelin, no triptorelin do dh’euslaintich ùra.

Wes Streeting

Tha Rùnaire Dùbhlanach na Slàinte, Wes Streeting, air ràdh nach bu chòirear measadh gur e dalm-bheachdairean a tha ann an daoine gnè-chriotaigeach.

Bha Streeting a’ bruidhinn aif fèis litreachais is ealain ann an Hay-on-Wye nuair a thuirt e gu bheil e “ceàrr” agus “neo-tharbhach” gam measadh mar “dalm-bheachdairean” no “claon-bhreitheach”.

B’ àbhaist Streeting a bhith na oifigear àrd-rangach aig a’ charthannas LGDTC+, Stonewall.

Chaidh a dhubh-chàineadh anns a’ Ghiblean an dèidh dha ràdh gu bheil a’ gabhail aithreachas gun d’ thuirt e roimhe gur e “fireannaich a th’ anns an tar-fhireannaich, boireannaich a th’ anns an tar-bhoireannaich”.

Christian Concern

Tha am buidheann Christian Concern air athchuinge a thòiseachadh an aghaidh taisbeanadh de bhrataichean pròise adhartach air Sràid Regent ann an Lunnainn.

‘S e a th’ ann am bratach pròise adhartach brathach pròise eile a tha a’ toirt a-steach dathan a bharrachd gus daoine eadar-sheòrsach, tar-ghnèitheach agus daoine LGDTC+ de dhath a riochdachadh.

Tha am buidhean a’ tagairt gu bheil na brataichean a’ brosnachadh ideòlas tar-ghnèitheach a tha a’ dèanamh cron air clann.

Massachusetts

Bhòt Bòrd Cathair Williamstown 175-90 gus a dhèanamh laghail brataichean pròise adhartach a chur an àrd air toglaichean poblach.

Tennessee

Shoidhnig Riaghladair Thennesse, Bill Lee, bile ùr ‘na lagh Dimàirt a tha a’ dèanamh e mì-laghail do dh’inbhich mion-aoisich a chuideachadh a shiubhail taobh a-muigh na stàite gus cothrom fhaighinn air cùram slàinte daingneachadh gnè.

Thèid an lagh ùr a chur an gnìomh 1d An t-Iuchar agus dh’fhaodadh gun tèid binn 1 bhliadhna sa phrìosain air neach sam bith a thèid a dhìteadh fodha.

Miss Universe

Tha co-shealbhadair a’ bhuidhinn a bhios a’ ruith an taisbeanaidh, Miss Universe, Anne Jakapong Jakrajutatip, air ràdh gum faod tar-bhoireannaich, boireannaich phosta agus boireannaich dhealaichte farpais san taisbeanadh ach nach fhaod iar a bhuannachadh.

Thàinig beachd Jakrajutatup, a tha na tar-bhoireannach, am follais an dèidh gun do leig cuideigin gun ainm air èalaidh clàradh de choinneamh aig an robh buill-bùird a’ bhuidhinn.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.